HRH The Princess Royal Appointed as First Chancellor of the University of the Highlands and Islands

The University of the Highlands and Islands, Scotland’s newest university, has appointed HRH The Princess Royal as its first ever Chancellor.

The Chancellor is the titular head of the University and The Princess Royal’s role will be both ceremonial and ambassadorial, participating in conferring degrees at graduations as well representing the University in the UK and overseas.

“We are delighted The Princess Royal has accepted our invitation to be our first ever Chancellor,” said James Fraser, Principal and Vice-Chancellor of the University of the Highlands and Islands. “We welcome her to the university. The Princess Royal has been a longtime supporter and has already visited many of our campuses. She joins us as we seek to develop a university which will have a transformational effect on the Highlands and Islands and attract national and international interest.”

Professor Matthew MacIver, Chair of the University court added: “This is a great honour for the Highlands and Islands and I’m certain that the patronage of The Princess Royal will be a tremendous boon to all involved in the creation of our new University.”

A date for the formal installation of the new Chancellor is expected to be set for 2012.

ENDS

Notes to editors

Picture: shows James Fraser, Principal and Vice-Chancellor with HRH The Princess Royal.

The University of the Highlands and Islands covers the region, including Moray and Perthshire, in a partnership of 13 partner colleges and research institutions, and a network of over fifty outreach learning centres.

The University gained full university status in February 2011, evolving from UHI Millennium Institute, which was a higher education institution

There are currently 8156 students studying on undergraduate and postgraduate courses or undertaking postgraduate research with the University.

The University of the Highlands and Islands is the only university with campuses and headquarters based in the Highlands and Islands. Its mission is to strengthen and develop the social, economic and cultural prospects of the region. It uses a blend of learning methods, including traditional classroom face-to-face teaching, video-conferencing tutorials and lectures and virtual learning environments and other IT media.

The University of the Highlands and Islands is a limited company registered in Scotland No. 148203. Scottish charity No. SC022228. Registered office: 12B, Ness Walk, Inverness, IV3 5SQ

A h-Àirdeachd Rìoghail A’ Bhana-phrionnsa Rìoghail air a cur an dreuchd mar chiad Sheansailear Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, an t-oilthigh as ùire an Alba, an dèidh A h-Àirdeachd Rìoghail A’ Bhana-phrionnsa Rìoghail a chur an dreuchd mar a’ chiad Sheansailear a bh’ aige a-riamh.

Is e an Seansailear as ceannard don Oilthigh ann an ainm agus bidh dleastanasan aig a’ Bhana-phrionnsa a bhios an dà chuid deas-ghnàthach agus tosgaireach, agus i a’ gabhail pàirt ann a bhith a’ toirt seachad cheumannan an àm ceumnachaidh cho math ri bhith a’ riochdachadh an Oilthigh san Rìoghachd Aonaichte agus thall thairis.

“Tha sinn uamharra fhèin toilichte gun do ghabh a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail ris a’ chuireadh againn a bhith air a’ chiad Sheansailear a bh’againn a-riamh,” thuirt Seumas Friseal, Prionnsapal is Iar-Sheansailear Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. “Tha sinn a’ cur fàilte oirre don oilthigh. Tha a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail taiceil dhuinn o chionn ùine mhòr agus thadhail i cheana air mòran de na h-àrainnean againn.  Tha i a’ tighinn còmhla rinn an àm dhuinn a bhith a’ feuchainn ri oilthigh a chruthachadh aig am bi buaidh chruth-atharrachail air a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan agus a tharraingeas ùidh dhaoine aig an ìre nàiseanta agus eadarnàiseanta.”

Thuirt an t-Àrd-Ollamh Mata MacÌomhair, Cathraiche chùirt an Oilthigh, cuideachd: “Is e urram mòr a tha seo don Ghàidhealtachd is na h-Eileanan agus tha mi cinnteach gum bi taic na Bana-phrionnsa Rìoghail na buannachd mhòr do gach uile duine aig a bheil làmh ann a bhith a’ cruthachadh an Oilthigh ùir againn.”

Tha fiughair gun tèid ceann-latha a shocrachadh airson an Seansailear ùr a shuidheachadh gu foirmeil ann an 2012.

CRÌOCH

Notaichean do luchd-deasachaidh

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) ag iadhadh na sgìre, a’ gabhail a-steach Mhoireibh agus Shiorrachd Pheairt, ann an com-pàirteachas de 13 colaistean is ionadan rannsachaidh com-pàirteach, agus lìonra de chòrr is leth-cheud ionad ionnsachaidh às-shìnteach.

Fhuair an t-Oilthigh làn-inbhe oilthigh an Gearran 2011, is e roimhe sin na stèidheachd àrd-fhoghlaim, Institiud OGE nam Mìle Bliadhna.

An-dràsta tha 8156 oileanaich ag ionnsachadh air cùrsaichean fo-cheum agus for-cheum no a’ gabhail rannsachadh for-cheum os làimh leis an Oilthigh.

Is e Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean an t-aon oilthigh is àrainnean agus prìomh oifis air an suidheachadh air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan aige. Is e a’ ghairm aige a bhith a’ neartachadh na tha san amharc don sgìre a thaobh a’ chomainn-shòisealta, an eaconamaidh agus a’ chultair aice. Bidh e a’ dèanamh feum de mheasgachadh de mhodhan ionnsachaidh, nam measg clasaichean aghaidh ri aghaidh ann an seòmraichean-teagaisg traidiseanta, co-labhairt bhideo, àrainneachdan ionnsachaidh mas-fhìor agus meadhanan teicneolais fhiosrachaidh eile.

Tha UHI na chompanaidh earranta clàraichte an Alba, Àir. 148203. Àir. carthannas Albannach SC022228. Oifis chlàraichte:  12B, Slighe Nis, Inbhir Nis, IV3 5SQ. 

Contact: Alison Hay
Phone: 01463 279222
Email: alison.hay@uhi.ac.uk
Website: http://www.uhi.ac.uk