HIE host community and business engagement events in Uist and Barra

BUSINESSES and community groups in Uist and Barra are being invited to attend events to find out how Highlands and Islands Enterprise (HIE) supports local economic growth.

[See below for a Gaelic version of this release]

The enterprise agency has a long standing commitment to supporting communities and businesses in the most fragile areas of the region.

The business and community engagement events will be held on Monday 27 at the Barra Learning Centre, and Tuesday 28 at Claddach Kirkibost Centre, North Uist, starting at 7:30pm.

The two days provide an excellent opportunity for local people to discuss the current outlook for the islands’ economy. They will also be able to find out more about HIE’s role in supporting the growth of dynamic sustainable communities, as well as discovering how the organisation can work with businesses to increase their scale and impact.

HIE’s area manager for the Outer Hebrides, Archie Macdonald, said: “We look forward to meeting businesses, communities and organisations across the Southern Isles. HIE’s unique integration of community and economic development powers gives us the ability to pursue opportunities and address challenges affecting our fragile areas in particular.

“Those who attend the events will get an overview of HIE’s role in helping to create sustainable economic growth and find out how we can assist them to develop ambition and enterprise in these areas.”

Newly appointed senior development manager Joanna Peteranna, who is based at HIE’s office in Lionacleit, Benbecula, will also be there to discuss how HIE can work closely with local people and explain what support is available from the agency for communities to realise opportunities and deliver ambitious social, economic and cultural benefits.

Ends

Cothroman do ghnìomhachas is choimhearsnachd còmhradh le HIE an Uibhist is Barraigh

Tha cuireadh ga thoirt do chompanaidhean is do bhuidhnean coimhearsnachd air feadh Uibhist is Bharraigh a thighinn gu tachartasan sònraichte far am faigh iad fiosrachadh air an dòigh sa bheil Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean (HIE) a’ cumail taic ri fàs ann an eaconamaidh nan eilean.

Tha e na phàirt bunaiteach do dh’obair na buidhne iomairt gun cumar taic ri coimhearsnachdan is gnothachasan anns na ceàrnaidhean far a bheil as motha na dùbhlain.

Thèid na tachartasan còmhraidh seo a chumail air Diluain 27 Lùnastal an Ionad Foghlaim Bharraigh, agus Dimàirt 28 Lùnastal aig Ionad Chladach Chircebost, Uibhist a Tuath. Tòisichidh na dhà thachartas aig 7.30f.

Gheibh muinntir an àite fìor chothrom thairis air an dà latha seo bruidhinn air na tha anns an dàn dha eaconamaidh nan eilean. Gheibhear fiosrachadh mar an ceudna air obair HIE ann a bhi a’ cumail taic ri leasachadh choimhearsnachdan sgairteil, seasmhach; agus air mar a gheibh companaidhean taic bho HIE a chum fàs nam meud is nam buaidh.

Thuirt Manaidsear Sgìreil HIE son nan Eilean Siar, Eardsaidh Dòmhnallach: “Tha sinn a’ coimhead air adhart ri coinneachadh ghnothachasan, choimhearsnachdan agus bhuidhnean às gach phàirt dhe na h-Eileanan a Deas. Tha dòigh-obrach shònraichte HIE, agus i a’ snìomh leasachadh eaconamach agus leasachadh coimhearsnachd am measg a chèile, gar fàgail comasach a bhi a’ gabhail chothroman agus dèiligeadh ri duilgheadasan gu h-àraidh far a bheil iad seo a’ togail cheann sna sgìrean dùbhlanach againn.

“Gheibh an fheadhainn an làthair aig na tachartasan sealladh farsaing thar obair-ghnìomha HIE a chum fàs seasmhach san eaconamaidh, agus fiosrachadh air mar a gheibhear taic bhuainn gus spiorad iomairteach, àrd-amasach a bhrosnachadh sna ceàrnaidhean aca fhèin.”

Gheibhear cuideachd cothrom coinneachadh ris an àrd-mhanaidsear leasachaidh ùr, Joanna Peteranna – a tha stèidhichte aig oifis HIE an Lionacleit, Beinn a’ Bhadhla – airson barrachd fhaighinn a-mach air mar as urrainn do HIE co-obrachadh a dhèanamh le muinntir nan eilean, agus air na tha ri fhaighinn de thaic dha coimhearsnachdan mu choinneamh chothroman sam bith às an tig buannachdan mòra sòisealta, eaconamach agus cultarail.

deireadh

Contact: HIE Communications
Phone: 01463244235
Email: communications@hient.co.uk
Website: http://www.hie.co.uk