University Christmas lecture celebrates Highland business success

Òraid Nollaig an Oilthigh a’ comharrachadh soirbheachadh gnothachais na Gàidhealtachd

THE second University of the Highlands and Islands Christmas lecture will be celebrating local business entrepreneurship and success with the leader of the largest private employer in the Highlands.

Roy MacGregor OBE, of the Global Energy Group and the chair of Ross County Football Club, will present his lecture in Eden Court’s One Touch Theatre on Thursday December 6 from 7.15-9pm.

The Global Energy Group was founded in 2005 and has offices in Aberdeen and Inverness. It has a turnover in excess of £350 million and has been decorated with three Sunday Times Fast Track Awards and a SCDI Award for Best International Business.

“We are delighted to be hosting our second Christmas Lecture,” said Principal and Vice-Chancellor, James Fraser. “This is our annual celebration of personal and business success in the Highlands and islands. We are very pleased to welcome Roy MacGregor OBE, a chief executive who has demonstrated that a leading and internationally significant company can be forged within and run from the Highlands and Islands.  We want our young people to be inspired to do similar things for Scotland and this region.”

Said Mr MacGregor: “I am delighted and honoured to be invited to speak at this year’s UHI Christmas Lecture. I hope that by sharing my experiences in business I can in some way inspire young people to believe in themselves and their ability, along with the support of the University of the Highlands and Islands we must nurture a new generation of young entrepreneurs.”

The Christmas lecture will be introduced by local business leader, David Sutherland, chair of Ness Castle Lodges, which will be sponsoring the event with Tulloch Homes.  Local writer and MFR broadcaster, Nicky Marr, will be interviewing Mr MacGregor and leading the post interview questions and answers.

The second University of the Highlands and Islands Christmas lecture will also feature music performed by students currently undertaking the university’s BA applied music degree course. The event, which will be broadcast live via global web cast by www.invernesstv.net, will be followed by a drinks and Christmas canapés reception overlooking the Christmas lights on the river Ness.

For information on seats, please contact the University events team on 01463 279344 or email events@uhi.ac.u

ENDS

Notes to editors

The University of the Highlands and Islands comprises thirteen further and higher education colleges, specialist colleges and research institutions, distributed throughout the Highlands and Islands of Scotland.  They are bound together through constitutional, management and academic structures, and co-ordinated through an executive office.  Collectively, this is referred to as the UHI partnership.

The University gained full university status in February 2011, evolving from UHI Millennium Institute, which was a higher education institution

There are currently 8156 students studying on undergraduate and postgraduate courses or undertaking postgraduate research with the University.

The University of the Highlands and Islands is the only university with campuses and headquarters based in the Highlands and Islands. Its mission is to strengthen and develop the social, economic and cultural prospects of the region. It uses a blend of learning methods, including traditional classroom face-to-face teaching, video-conferencing tutorials and lectures and virtual learning environments and other IT media.

The University of the Highlands and Islands is a limited company registered in Scotland No. 148203. Scottish charity No. SC022228. Registered office: 12B, Ness Walk, Inverness, IV3 5SQ

Òraid Nollaig an Oilthigh a’ comharrachadh soirbheachadh gnothachais na Gàidhealtachd

Bidh dàrna Òraid Nollaig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ comharrachadh tionnsgain agus soirbheas gnothachais ionadail le ceannard an fhastaiche phrìobhaidich as motha air a’ Ghàidhealtachd.

Bheir Roy MacGriogair OBE bhon Global Energy Group agus cathraiche Club Ball-coise Ross County òraid seachad aig Taigh-cluiche One Touch, Cùirt an Aodainn, Diardaoin 6 Dùbhlachd eadar 7.15f agus 9f.

Chaidh an Global Energy Group a stèidheachadh ann an 2005 agus tha oifisean aice ann an Obar Dheathain agus Inbhir Nis.  Tha a luach-malairt a-nis a’ toirt barrachd air £350 millean gach bliadhna agus thathas air an adhartas aice aithneachadh le trì duaisean Fast Track bhon Sunday Times agus duais SCDI airson an Gnothachas Eadar-nàiseanta as Fheàrr.

“Tha sinn air leth toilichte a bhith a’cumail seo, ar dàrna òraid Nollaig,” thuirt am Prionnsapal agus Iar-Sheansalair, Seumas Friseal. “Is e seo ar tachartas bliadhnail a bhios a’ comharrachadh soirbheachadh pearsanta agus gnothachais air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. Tha sinn glè thoilichte fàilte a chur air Roy MacGriogair OBE, ceannard a sheall gum faodar companaidh air thoiseach a tha cudromach gu h-eadar-nàiseanta a chruthachadh anns a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan agus a ruith bhon sgìre.  Tha sinn airson gun tèid na daoine òga againn a bhrosnachadh a bhith a’ dèanamh rudeigin coltach ri seo do dh’Alba agus don sgìre seo.”

“Tha mi air leth toilichte agus ’s e urram mòr a th’ ann dhomh gun d’ fhuair mi cuireadh a bhith a’ bruidhinn aig an Òraid Nollaig aig UHI am-bliadhna” thuirt cathraiche an Global Energy Group, Roy MacGriogair OBE.  “Le bhith a’ roinn an eòlais agam tha mi an dòchas gum faod mi daoine òga a bhrosnachadh a bhith a’ creidsinn annta fhèin agus anns a’ chomas aca. Le taic bho Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, feumaidh sinn ginealach ùr de luchd-tionnsgain òg a dh’oileanachadh.”

Tòisichidh an oidhche le facal-toisich bhon cheannard gnothachais ionadail, David Sutherland, ceannard air Ness Castle Lodges, a bhios a’ dol mar sponsair air an tachartas le Tulloch Homes.    Bidh an sgrìobhaiche ionadail agus craoladair MFR, Nicky Marr, a’ dèanamh agallamh ri Mgr MacGriogair agus a’ stiùireadh nan ceistean agus freagairtean a thig às a dhèidh.

Mar phàirt den dàrna Òraid Nollaig aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean bidh ceòl bho oileanaich air cùrsa BA an oilthigh ann an ceòl gnìomhaichte.  Thèid an tachartas a chraoladh beò air www.invernesstv.net agus bidh cuirm le deochan agus biadh Nollaig às a dhèidh, a’ sealltainn thairis air na solais Nollaig air Abhainn Nis.

Airson barrachd fiosrachaidh mu shuidheachain, cuir fios chun sgioba thachartasan an Oilthigh air 01463 279344 no cuir post-d chun events@uhi.ac.uk

CRÌOCH

Notaichean do luchd-deasachaidh

‘S e com-pàirteachas de thrì-deug colaistean foghlam adhartach agus àrd-fhoghlaim, colaistean speisealta agus ionadan rannsachaidh a th’ ann an Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, is iad air an sgaoileadh air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean.  Tha iad ceangailte ri chèile tro structaran a bhuineas don bhonn-stèidh, an stiùireadh agus gnothaichean acadaimigeach, agus air an co-òrdanachadh tro oifis stiùiridh.  Uile còmhla, bithear a’ toirt iomradh air mar com-pàirteachas UHI.

Fhuair an t-Oilthigh làn-inbhe oilthigh sa Ghearran 2011, is e roimhe sin na stèidheachd àrd-fhoghlaim, Institiud OGE nam Mìle Bliadhna.

An-dràsta tha 8156 oileanaich ag ionnsachadh air cùrsaichean fo-cheum agus for-cheum no a’ gabhail rannsachadh for-cheum os làimh leis an Oilthigh.

Is e Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean an t-aon oilthigh a tha air a shuidheachadh air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. Is e a’ ghairm aige na tha san amharc don sgìre a neartachadh a thaobh a’ chomainn-shòisealta, an eaconamaidh agus a’ chultair aice. Bidh e a’ dèanamh feum de mheasgachadh de mhodhan ionnsachaidh, nam measg clasaichean traidiseanta ann an seòmraichean-teagaisg, clasaichean agus òraidean le co-labhairt bhideo, àrainneachdan ionnsachaidh mas-fhìor agus meadhanan IT eile.

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean na chompanaidh earranta clàraichte ann an Alba Àir. 148203. Àir. charthannais Albannaich SC022228. Oifis chlàraichte: 12B, Slighe Nis, Inbhir Nis, IV3 5SQ

Contact: Alison Lochhead
Phone: 01463279222
Email: alison.lochhead@uhi.ac.uk
Website: http://www.uhi.ac.uk